close
The Wayback Machine - https://web.archive.org/web/20221219230016/https://www.smo.uhi.ac.uk/leabharlann/
Skip to content
Blue banner image

AN LEABHARLANN

Bidh fàilte chridheil romhad aig Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig. Gheibh thu an tuilleadh fiosrachaidh mu ghoireasan na Leabharlainn is ciamar a bhios tu gan cleachdadh air duilleagan na làraich seo.
‘S e rùn Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig gum bi sinn a’ leasachadh cruinneachadh de ghoireasan air cànan, cultar is dualchas na Gàidhlig a bhios cho slàn agus cho coileanta ‘s a ghabhas agus a bhrosnaicheas ionnsachadh, rannsachadh is sgoilearachd; gun cùm sinn taic ris a’ Cholaiste is i na sàr ionad-foghlaim na Gàidhlig; gum bi sinn a’ brosnachadh fèin-mhisneachd air a’ Ghàidhealtachd a thaobh a cuid litreachais is cultair fhèin.
Tha Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig na leabharlann oilthighe ach tha fàilte ro mhuinntir na sgìre is ro luchd-tadhail eile on taobh a-muigh a thighinn a chèilidh oirnn agus a chleachdadh nan goireasan againn.
Lorg ‘s an Leabharlann
Sireadh Adhartach

An Leabharlann ri linn Covid-19

Tha an Leabharlann fosgailte do dh’oileanaich is luchd-obrach is luchd-tadhail a-rithist. Tha goireasan didseatach againn cho math ri seirbheisean cliog is cruinnich, puist is sganaidh  (fiosrachadh gu h-ìosal), a leigeas leat na cruinneachaidhean a chleachdadh taobh a-muigh na Leabharlainn cuideachd. Airson taic bho sgioba na Leabharlainn, nach cuir thu fios thugainn air post-d.

BERJAYA

Cruinneachaidhean sònraichte

Fiosrachadh air cruinneachaidhean sònraichte Shabhal Mòr Ostaig.

BERJAYA

Goireasan air-loidhne

Gheibh thu an seo Irisean, Goireasan Didseatach, seann Phàipearan Deuchainn agus goireasan eile ann an cruth didseatach.

BERJAYA

cruinneachadh iasaid

Fiosrachadh air cruinneachadh iasaid Shabhal Mòr Ostaig.

BERJAYA

Beachdan

Cuir do chuid bheachdan air seirbheis an Leabharlainn thugainn.

BERJAYA

Catalog an Leabharlainn

Seall tro chatalog air-loidhne Oilthigh na Gàidhealtachd is eile.

BERJAYA

Seirbheisean an Leabharlainn

Na seirbheisean a tha leabharlann Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann.

PRÒISEACTAN RANNSACHAIDH

CÙRSAICHEAN FOR-CHEUM